Daibhidh Eyre

Writer

Do mo sheanair Johnnie, agus a bhrathair Richard.

Tip: Click on the polaroid to view the photography full size

Daibhidh Eyre

Writer

Richard chòir:

Bha mi a’ smaoineachadh ort o chionn greis. Didòmhnaich a bh’ann – Labha a’ Chuimhneachaidh – agus bha mi a’ dòl seachad air carragh-chuimhne ann am Baile an Truiseil ann an Siorrachd Adhair.

Aig mullach a’ charragh- chuimhne seo, tha iomhaigh ban-dia – Àithne ‘s dòcha, neo Nike. Tha i ann an copar uaine, a’ coimhead a-mach gu Eilean Arrain – a-mach gu Creag Ealasaid – cruinn de lusan na lamh, ga thòirt seachad dha na mairbh, neo ga ghàbhail bhuapa ‘s dòcha.

Aig a casan air an là seo, bha crom-lusan dearga nan laighe an aghaidh dath ruadh na cloiche-gainmhich, an clach a’ coimhead fann an aghaidh dath nam fliùirichean fuadan.

Bha samhla aig cridhe gach cearcall: Suaimheachantas Chomhairle Siorrachd Àir a Deas; Lasair an t-seirbhis smàlaidh; Acair nam BBs; Còmbaist ‘s cearnag nam Masons.

Agus sgrìobhte gu h-àrd: “This statue was placed to commemorate the men of Troon who seeking the welfare of their country gave their lives in so doing and are now resting in and beyond the seas.”

Chan ann bhon Truiseal a bha thusa ge-ta, Richard. Tha fhios agam. 13 Longlea Place, Baillieston, pìos a-mach a Ghlaschu ann an Siorrachd Lannraig. Tha an seòladh agad air a’ phìos phàipeir far an do sgrìobh thu d’ ainm gus àite fhaighinn san airm. 1915 a bh’ ann – agus bha thusa naoi bliadhna deug dh’aois.

Nuair a leugh mi am bileag sin, mhòthaich mi nach deach thu a-steach air Reiseamaid Albannach idir, ach do Fusilliers Rioghail Bhaile Atha Cliath.

Ann an dòigh, tha e a’ dèanamh ciall. ‘Sann sa chearnag sin a rugadh ‘s a thogadh d’ athair Daibhidh, mus tàinig e a-nall a dh’ Alba airson obair. Meinnear a bh’ann. Mar a bha thusa. Mar a bha do bhraithrean uile, Henry, Daibhidh beag, Mìcheal, agus Johnnie, mo sheanair, athair m’ athair.

Ach ann an dòigh, chan eil e a’ dèanamh ciall idir gun deach thu an sàs ann. Oir bha d’ athair làn bheachdan poilitigeach nach còrdadh ri mòran ann an airm Bhreatainn. Fenian a bh’ ann. Soisealach. Chaidh innse dhom gun robh e an-sàs san Irish Volunteers – milita a bha airson Èireann a bhith neo-eisimileach. A-rèir sgeulachdan m’ athair, bha Daibhidh os cionn meur ionadal nan Volunteers. Agus ‘s dòcha gun robh. Tha fhios agam gun robh an leithid ann am Baile a’ Bhaillidh aig an àm, agus sin ainmeachadh ann an leabhar eachdraidh ainmeil – The Irish in Modern Scoland.

Mar sin Richard, dè thuirt Daibhidh an là sin? Dè thuirt e nuair a thill thu dhachaigh gus innse dha gun robh thu a’ dol gu cogadh? Airson an Righ. Agus Ìmpireachd Bhreatainn. Gus saorsa a thòirt do dhuthchanan beaga.

Bha thu sna meinnean Richard. Reserved occupation. Bha cothrom agad an sgrios eagallach sin a sheachnadh gu tur. Le sin, feumaidh gun robh thu airson a dhòl an-sàs ann. Carson a bha sin? Dè bha cho cudthromach dhut mu dhèidhinn?

An robh na h-aon beachdan agad am bliadhna as dèidh dhut a dhòl dhan airm? Ann an 16. Nuair a nochd trì bataillean dhen na Fusilliers agad air sràidean Bhaile Atha Cliath, gus sabaid an aghaidh nan Irish Volunteers sin. An robh thu an sin Richard? Fhads a tha fios a’m, cha robh. ‘Sann as an Fhraing a bha thu. Ach cò aig a tha fios? Dìreach sgeulachdan a th’ agam mu d’dhèidhinn. Fathanan. Faileasan.

Tha fhios agam gun do thìll thu às aig a’ cheann thall. Sabhailte. Slàn. Slàn gu ìre co-dhiù. Chaidh innse dhomh gun robh thu cho sgith le na chunnaic thu agus na dh’ fhuiling thu san Roinn-Eòrpa, gun robh thu airson fàgail. ‘S dòcha nach robh cùisean cho rèidh aig an taigh cuideachd, ‘s Daibhidh a’ seinn laoidhean do ghaisgich Èirigh na Caisge. Aig a cheann thall, chaidh thu a-nall a dh’Aimeireaga. Boston an toiseach. Agus an uairsin Chicago.

Ach cha robh thu fada ann. Chaidh do shàthdh gu bàs. Cha d’fhuair an teaghlach mòran fios mu na thachair. Cuideigin a’ feuchinn ri goid ‘s dòcha? Neo dh’fhaodte, sabaid ann am bar, aig deireadh deasbad mu dhèidhinn poilteaigs na h-Eirinn?

Cha bhith fios agam gu brath Richard. Tha mi’n dòchas nach do dh’fhuiling thu cus co-dhiù. Tha mi’n dòchas gun d’fhuair thu fois ‘s toilleachas air taobh eile a’ Chuan Shiarach mus do bhàsaich thu, mar a bhàsaich iomadh gille eile sna làithean bruideil sin, ge-bith dè an èideadh a bh’ orra.

Bha mi dìreach son fios a bhith agad Richard, gun robh mi a’ smaoineachadh ort, ‘s air Daibhidh, ‘s Johnnie agus do bhraithrean uile, an là grianach sin sa gheamhradh, agus an grìan a’ toirt air gach pìos gainmhich a’ lasadh mu seach airson diog. Air an là brèagha sin, nuair a rinn mi Creag Ealasaid mar charragh-chuimhne dhut, ann am meadhan Cuan ha h-Èireann.

More about this Letter